Tobar an Dualchais/ Kist o Riches
'S e pròiseact ùr inntinneach le luach nàiseanta agus eadar-nàiseanta a th' ann an Tobar an Dualchais. Bithear a' gleidheil, a' digiteachadh, a' liostachadh agus a' foillseachadh air-loidhne clàraidhean fuaim ann an Gàidhlig agus Beurla na h-Alba bho Sgoil Eòlais na h-Alba, BBC Alba agus Cruinneachaidhean Iain Latharna Chaimbeil ann an Canaigh. Tha sinn a-nise a' sireadh dithis gu math èasgaidh a bhios os cionn sgiobaidhean de luchd-obrach ann an Dùn Èideann agus Uibhist a Deas. Seasaidh am maoineachadh airson gach dreuchd 40 mìos.
Thathar a' lorg thagraidhean bho dhaoine a tha dìcheallach gu pearsanta, le sàr sgilean conaltraidh agus eadar-phearsanta, eàlas air prôiseactan agus luchd-obrach a stiùireadh, stuthan taisgte a ghleidheadh agus a lìbhrigeadh air-loidhne agus tuigse air gnothaichean Gàidhlig a dh'fhaodadh bualadh air a' phròiseact.
Neach-dealbachaidh Techneòlais/ Manaidsear-làraich, Dùn Èideann.
Bidh thu a' gabhail uallach airson techneòlas a' phròiseict gu lèir, a bharrachd air a bhith os cionn obair Dhùn Èideann. Bidh sàr sgilean teicnigeach agad, le eòlas air pròiseactan teicnigeach a stiùireadh agus air a bhith a' ceannachd innealan. Bu chòir dhut a bhith fiosrach air na dòighean-obrach as èifeachdaiche ann an digiteachadh agus teicneòlas fuaim. Tuarastal £32,041-£35,183 sa bhliadhna
Manaidsear-làraich, Uibhist a Deas
Bidh thu math air conaltradh sa Ghàidhlig, le deagh sgilean teicnigeach, comas air pròiseactan a stiùireadh agus eòlas ann an obair dhigiteach. Tuarastal £ 28,325-£31,263 sa bhliadhna
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh cuir fios gu Mairead Dhòmhnallach air 01471 888600 sm02md@uhi.ac.uk. 'S e 25 Giblean 2006 an ceann-là mu dheireadh airson thagraidhean.
Tobar an Dualchais/ Kist o Riches (The Well of Heritage) is an exciting new project of national and international significance. It aims to conserve, digitise, catalogue and make accessible online Gaelic and Scots recordings held by the School of Scottish Studies, BBC Scotland and the Campbell of Canna Collection. Applications are now invited for two dynamic individuals to lead teams in Edinburgh and South Uist to take forward the work. Both posts are funded for 40 months
We are looking for highly motivated applicants with good communication and interpersonal skills. You will have experience of managing projects and people, maintaining archives and presenting them online, and an understanding of the Gaelic issues impacting on the project.
Technical Planner/ Site Manager, Edinburgh.
You will be responsible for technical aspects of the project as a whole as well as heading up the Edinburgh operation. You will have excellent technical skills including knowledge of best practice in digitisation and use of sound technology, plus experience of managing technical projects and procuring equipment. Salary on the scale £32,041-£35,183
Site Manager, South Uist
You will be a good communicator in Gaelic, with good technical and project management skills. You should have experience of digitising and online delivery of sound archives. Salary on the scale £28,325-£31,263
For further information, and an application form, contact Mairead MacDonald on 01471 888600 sm02md@uhi.ac.uk . The closing date for applications for both posts is 25 April 2006.


